GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Eòrpa

BBC ALBA – Wednesday 21 January at 8.30pm

Eòrpa

BBC ALBA - Diciadain 21 Faoilleach aig 8.30f

BBC ALBA’S EÒRPA BRINGS TOGETHER RELATIVES OF THE MH17 AND LOCKERBIE TRAGEDIES

Eorpa MH17

Malaysian Airlines Flight MH17 from Amsterdam to Kuala Lumpur crashed in a rebel held area of Eastern Ukraine on 17th July 2014. All 283 passengers on board, including 80 children, were killed.

The majority of passengers on MH17 were Dutch citizens and Eòrpa has travelled to the Netherlands to speak to the affected families. The programme brings together some of those who lost family in MH17 with the relatives of those lost in an earlier air tragedy – the Lockerbie disaster of 1988 when a bomb brought down a trans-Atlantic flight. The meeting between the families was a deeply moving experience.

Silene Fredriksz lost her son Bryce and his girlfriend Daisy in the MH17 incident. The young couple were travelling to Bali for a holiday, when the plane came down. Silene said: “What happened is like a movie in your head. It’s a nightmare. Every time you close your eyes you see how that airplane exploded with them in it… That is a nightmare. That won’t go. And of course I have to learn to live with it that they will never return home and that is very hard.”

Silene, like many other families is still waiting for her loved ones remains to be returned home. She can’t travel to Ukraine to visit the crash site, as fighting continues in the area.

Eòrpa travelled with Silene and her family to Lockerbie, to meet families who had lost loved ones when Pan Am Flight 103 came down on the Scottish town 26 years ago.

Silene’s family met John and Lisa Mosey who lost their daughter Helga in the Lockerbie disaster. They spoke about the importance of forgiveness in helping them to come to terms with what happened.

The Dutch family also met Jim Swire, who continues to campaign over for what he believes was a wrongful conviction over the Lockerbie bombing. Jim lost his daughter Flora in the Lockerbie disaster. Flora had been travelling to the USA to spend Christmas with her boyfriend.

Dr Swire said: “Seeking truth and justice was my way of coping with the loss of that lovely girl of ours – our eldest daughter Flora and to a great extent, I’d felt that I had been doing that for her. Flora was a very direct seeker after truth herself and I know that her awareness of what I had been doing was exactly what she would have done if she’d been in my shoes.”

Of the experience Silene says: “It was very emotional. But very good that we did it... I think we can learn a lot from this. That they have a positive outlook on life. And can still enjoy life. But also that they didn’t [forget]…well, you can never forget your children. But that they are still fighting for their children. I really admire that.”

This special half-hour Eòrpa programme will be transmitted on Wednesday 21st January 2015 on BBC ALBA at 20.30 and will be repeated on Saturday 24th on BBC2 Scotland at 18.00 and Sunday 25th at 20.00 on BBC ALBA. It can also be seen on BBC Parliament and will be available after transmission on BBC iPlayer.

EÒRPA A’ TOIRT CÒMHLA TEAGHLAICHEAN A CHAILL ANN AN SGRIOSAN-ADHAIR MH17 AGUS LOGARBAIDH

Eorpa MH17

Air 17mh Iuchar 2014, thàinig pleana Malaysian Airlines MH17, a bha siubhal eadar Amsterdam agus Kuala Lumpur, sios ann an sgìre reubaltach ann an taobh an Ear na Ùgrain, agus coltas gun deach losgadh air bhon talamh. Chaill gach 283 neach a bh’air bòrd am beatha, nam measg bha 80 leanabh.

B’e Duitsich a bh’anns a’ mhorchuid de dhaoine air bòrd MH17 agus tha Eòrpa air siubhal dhan Òlaind gus bruidhinn ris na teaghlaichean air an tug an uabhas seo buaidh. Tha am prògram a’toirt teaghlach a chaill ann an MH17 comhla ri teaghlaichean feadhainn a chaill am beatha ann an sgrios adhair nas tràithe – spreadhadh Logarbaidh ann an 1988. Thàinig pleana a bh’air an t-slighe dha na Stàitean Aonaichte sios sa bhaile an dèidh do bhomba spreadhadh air bòrd. Ghluais a’ choinneamh eadar nan teaghlaichean faireachdainnean làidir dha rireabh.

Chaill Silene Fredriksz a mac Bryce agus a leannan Daisy ann an tachartas MH17. Bha an cupall òg a’ siubhal a Bhali airson làithean-saora, nuair a thàinig am pleana sios. Tha Silene ag radh: “Tha na thachair coltach ri film nad cheann. ‘S e trom-laighe a th’ann. A h-uile turas a dhùineas tu do shùilean chi thu am pleana a’ spreadhadh agus iadsan na bhroinn... Chan fhalbh sin. Feumaidh mi dèiligeadh leis, nach till iad gu bràth dhachaigh agus tha sin uabhasach doirbh.”

Tha Silene, coltach ri iomadh teaghlach eile, fhathast a’ feitheamh son dust a luchd-gaoil fhaighinn air ais. Chan urrainn dhi siubhal dhan sgìre far an tàinig am pleana sios san Ùgrain leis gu bheil sabaid a’ leantainn agus tha e fhathast ga mheas ro chunnartach.

Shiubhal Eòrpa còmhla ri Silene agus a teaghlaich gu Logarbaidh, a choinneachadh ri teaghlaichean a chaill daoine faisg orra nuair a thàinig Pan Am 103 sìos air a’ bhaile o chionn 26 bliadhna.

Choinnich Silene agus an teaghlach ri John agus Lisa Mosey a chaill an nighean aca Helga ann an sgrios Logarbaidh. Bhruidhinn iad mu cho cudromach sa tha maitheanas air a bhith dhaibhsan ann a bhith a’ dèiligeadh ris na thachair.

Bhruidhinn iad cuideachd ri Jim Swire, a tha fhathast ag iomairt gu dicheallach, agus esan a’ faireachdainn gun deach an duine ceàrr a dhìteadh airson bombadh Logarbaidh. Chaill Jim an nighean aige Flora, a bh’air Pan Am 103 gus an Nollaig a chur seachad le a leannan anns na Stàitean Aonaichte nuair a spreadh am bomba.

Tha an Dtr Swire ag radh: “’ S e a bhith a’ sireadh firinn agus ceartas an dòigh agamsa dèiligeadh ris bhith call an nighean àlainn againn – an nighean as sinne againn Flora. Gu ìre mhòr, bha mi faireachdainn gun robh mi ga dheànamh air a sonse. Bha Flora i fhèin an còmhnaidh a’ sireadh firinn agus ceartas agus bha fios agam gum biodh ise air an aon rud a dheànamh nam biodh i fhèin san t-suidheachadh agamsa.”

A’ bruidhinn mun turas thuirt Silene: “Dhùisg e tòrr faireachdainnean annainn. Ach ‘s math gun do rinn sinn e. Tha mi smaointinn gun ionnsaich sinn tòrr bhuaithe. Tha e fhathast comasach beatha a bhith agad, ach tha iad fhathast a’ stri airson an cuid chloinne. ‘S toil leam sin.”

Bidh an leth uair sònraichte seo de Eòrpa air BBC ALBA Diciadain 21mh Faoilleach aig 20.30 le ath-chraoladh Disathairne 24mh air BBC 2 Scotland aig 18.00 agus Didòmhnaich 25mh air BBC Alba aig 20.00 Bidh e cuideachd ri fhaicinn air BBC Parliament agus air i-player a’ BhBC.


2015 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2015

Hogmanay Ceilidh 2015Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2015
Stick Man / BioranStick Man / Bioran
Trusadh - The Highland Railway/Rathad-iarainn na GàidhealtachdTrusadh - Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Trusadh – Cancer Club / Balaich a’ BruidhinnTrusadh – Balaich a’ Bruidhinn
Jolomo: The People’s PainterJolomo: Dealbhadair nan Daoine
Scotland v BelarusAlba v Belarus
Royal National MòdMhòd Nàiseanta Rìoghail
Cobhair ChloinneCobhair Chloinne
Dòtaman at 30Dòtaman aig 30
Jonathan’s ArmyFeachdan Ionatain
Jim BaxterJim Baxter
Balaich a’ Bhìobaill / Bible BoysBalaich a’ Bhìobaill
The Pope’s Eriskay JumperTrusadh - Geansaidh a’ Phàpa
Canada v Glasgow WarriorsCanada v Glasgow Warriors
Belladrum 2015Belladrum 2015
Geamannan nan Eilean 2015 – Island Games 2015Geamannan nan Eilean 2015
Am Balach MacCuidhein – McQueen of ScotsAm Balach MacCuidhein
World Orienteering Championships 2015Co-Fharpais Sligheadaireachd Na Cruinne 2015
Trusadh – DiabetesTrusadh – Tinneas an t-Siùcair
MacTavish Cup FinalCuairt Dheireannach de Chupa MhicTàmhais
Ceòl air Abhainn ChluaidhCeòl air Abhainn Chluaidh
Trusadh - Berlin 25 Years OnTrusadh – Leag am Balla
Air na Rigs / Life OffshoreAir na Rigs
FuineFuine
An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic
Glasgow City v Paris Saint-GermainGlasgow City v Paris Saint-Germain
Eileanan FraoichEileanan Fraoich
Cuirm@Celtic: Le Vent Du NordCuirm@Celtic: Le Vent Du Nord
The Real Jekyll & Hyde? The Deacon Brodie StorySgeulachd Deacon Brodie
Baby Killer? Sgeulachd Jessie KingBaby Killer? Sgeulachd Jessie King
Eòrpa MH17Eòrpa MH17
Brian WilsonBrian Wilson
Tartan PrideTartan Pride

2016 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2016

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.