GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Cuirm@Celtic

BBC ALBA – Starts Saturday 31st January at 9.00pm

Cuirm@Celtic

BBC ALBA - a' tòiseachadh Disathairne 31mh Faoilleach aig 9.00f

BBC ALBA SCREENS THE BEST OF CELTIC CONNECTIONS 2015

Cuirm@Celtic (Credit Alistair Cassidy)

The cream of Celtic Connections 2015 concerts will come to our screens in the coming weeks as BBC ALBA presents a new series of Cuirm@Celtic.

With the channel once again boasting an eclectic line-up from Celtic Connections, the series – presented by acclaimed singer and music producer Mary Ann Kennedy and produced by Bees Nees Media - will feature performances from top acts including Le Vent Du Nord, Mairi Smith, Julie Fowlis, Kate Rusby, Declan O’Rourke and Karine Polwart.

The series gets underway on January 31 with a concert set from Quebecois band Le Vent Du Nord. The quartet always receive a rapturous welcome when they take to the stage in Scotland and this reception is only heightened in this special Misses et Messieurs evening where the band is joined by a host of female talent including Emily Smith and Sharon Shannon.

Cuirm@Celtic continues on February 7 with an evening with Mairi Smith and friends. The Lewis-born singer’s profound understanding of the Gaelic tradition has made her one of Scotland’s most revered artists in any language and the concert features two of the younger Scottish singers that Smith continues to inspire, widely acclaimed star Julie Fowlis and former Dàimh vocalist Calum Alex MacMillan.

The third and final programme of the series, Cuirm@Celtic - Caidreabh is Ceol, will be screened on February 14 and features an eclectic range of talent performing at the Horizons concert at the festival. Covering all corners of the UK and Eire, performing artists will include Kate Rusby, Al Lewis, Declan O’Rourke, Karine Polwart, Macanta, Nell Ní Chróinín and Damien O’Kane. The Horizons concert was supported by the British Council and Cuirm@Celtic: Caidreabh is Ceol is co-financed by MG ALBA, TG4 and S4C.

Margaret Cameron Channel Editor BBC ALBA said “It’s always a challenge to choose acts from the vast array on offer at Celtic Connections but this year we are offering a superb range of talent, from well known performers to up-and-coming stars, we’ll provide a showcase for Gaelic, Celtic and World artists.

“Cuirm@Celtic has been a hugely popular series on BBC ALBA over the past few years and we are certain that this year will be no exception.”

The new series of Cuirm@Celtic complements BBC ALBA’s coverage of BBC Radio Scotland’s Young Traditional Musician of the Year Final, which will be shown on the channel on Monday 2 February at 9.00pm.

Bees Nees Media has also been recording sessions from the festival at Cottiers Theatre in Glasgow’s West End for a new BBC ALBA series called Seirm, which will draw on the rich pool of talent appearing across Celtic Connections and creating opportunities for amazing and sometimes unexpected musical collaborations. Lahore Ceol Mor, featuring Gaelic Singer of the Year Mischa MacPherson, Irish supergroup Danu, Canadian five-piece Fish & Bird, Cahalen Morrison & Eli West and Adam Cohen represent just a small sample of the talent to be featured. Mary Ann Kennedy will again host this new series of programmes, which are co-financed by TG4 and will be transmitted in autumn 2015.

Cuirm@Celtic is produced by Bees Nees Media for BBC ALBA with the first programme in the three part series being broadcast on Saturday 31 January at 9.00pm and subsequent programmes following each Saturday thereafter.

BBC ALBA a' taisbeanadh an taghaidh as fheàrr bho Celtic Connections 2015

Cuirm@Celtic (Credit Alistair Cassidy)

Gheibh sinn an roghainn as fheàrr bho fhèis Celtic Connections 2015 anns na seachdainean ri tighinn agus BBC ALBA a' craoladh sreath ùr de Cuirm@Celtic.

Leis an t-seanail a’ tabhann roghainn eadar-mheasgte de thàlant bhon Fhèis mar as àbhaist, thèid an t-sreath – a bhios air a lìbhrigeadh le sàr-sheinneadair agus riochdaire-ciùil, Màiri Anna NicUalraig agus air a riochdachadh le Bees Nees Media – gu cuirmean le luchd-ciùil ainmeil leithid Le Vent Du Nord, Màiri Nic a' Ghobhainn, Julie Fowlis, Kate Rusby, Declan O'Rourke agus Karine Polwart.

Tha an t-sreath a' tòiseachadh air 31 Faoilleach le cuirm ann an cuideachd a’ chòmhlain Quebecois Le Vent Du Nord. Tha an ceathrar seo daonnan a’ faighinn fàilte chridheil gach turas a nochdas iad air àrd-ùrlar ann an Alba, agus thèid an gàirdeachas sin am meud aig oidhche shònraichte Misses et Messieurs far a bheil Emily Smith agus Sharon Shannon am measg an tàlant a chuir ri ceòl na cuirme seo.

Tillidh Cuirm@Celtic air 7mh An Gearran airson oidhche le Màiri Nic a’ Ghobhainn ‘s a càirdean. Tha an tuigse is an t-eòlas sònraichte a tha aig an t-seinneadair Leòdhasach air dualchas na Gàidhlig ga cur air leth ann an saoghal ciùil na h-Alba, agus bidh dithis dhe na seinneadairean òga a bhrosnaich i ‘s a tha i fhathast a’ misneachadh, air an àrd-ùrlar còmhla rithe - Julie Fowlis a tha air a cliù fhèin a chosnadh agus Calum Ailig Mac a’ Mhaolain a chleachd a bhith a’ seinn le Dàimh.

Thèid an treas prògram san t-sreath, Cuirm@Celtic - Caidreabh is Ceòl, a chraoladh air a 14mh den Gearran agus thèid taisbeanadh a dhèanamh air an ruigse mheasgaichte de thàlant a chluich aig cuirm-ciùil Horizons aig an fhèis. Thàinig iad sin às gach ceàrnaidh den Rìoghachd Aonaichte agus à Èirinn, nam measg Kate Rusby, Al Lewis, Declan O'Rourke, Karine Polwart, Macanta, Nell Ní Cróinin agus Damien O'Kane. Fhuair cuirm Horizons taic bho Chomhairle Bhreatainn agus fhuair Cuirm@Celtic: Caidreabh is Ceòl co-mhaoineachadh bho MG ALBA, TG4 agus S4C.

Thuirt Mairead Chamshron Deasaiche Seanail BBC ALBA: “ ‘S e dùbhlan a tha ann daonnan a bhith a’ taghadh luchd-ciùil bhon tàlant lìonmhor a bhios an sàs aig Celtic Connections, agus am-bliadhna tha sinn a’ taisbeanadh ruigse air leth dhan luchd-amhairc, bho fheadhainn le sàr chliù gu cuid a tha an impis an cliù a leasachadh, agus sin uile ann an taisbeanach de thàlant Gàidhlig, Ceilteach agus an t-Saoghail.

“Tha Cuirm@Celtic air soirbheachadh gu mòr air BBC ALBA sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, agus tha sinn cinnteach gum bi an dearbh bhuaidh aig an t-sreath seo.”

Bidh an t-sreath ùr de Cuirm@Celtic a’ cur ri craoladh BBC ALBA de Chuairt Dheireannach Neach-ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna BBC Radio Scotland. Thèid a shealltainn air an t-seanail air Diluain 2mh An Gearran aig 9.00f.

A-bharrachd air an sin, tha Bees Nees Media air a bhith a’ clàradh ceòl bhon Fhèis aig Taigh-cluiche Cottiers ann an ceann an iar Ghlaschu airson sreath ùr do BhBC Alba, Seirm, a bhios a’ tarraing air a’ bheartas de thàlant aig Celtic Connections agus a’ tabhann chothroman airson co-obraichean ciùil iongantach is annasach. Am measg an luchd-ciùil sin bidh Lahore Cèol Mòr le Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna, Mischa Nic a’ Phearsain, an còmhlan cliùiteach Èireannach Danú, còmhlan chòignear à Canada Fish & Bird, Cahalen Morrison & Eli West agus Adam Cohen. Thèid na prògraman ùr seo a lìbhrigeadh le Màiri Anna NicUalraig agus an craoladh san Fhoghar 2015. Chaidh an t-sreath a cho-mhaoineachadh le TG4.

Tha Cuirm@Celtic air a riochdachadh le Bees Nees Media airson BBC ALBA. Thèid a’ chiad phrògram ann an sreath de thrì a chraoladh air Disathairne 31mh Faoilleach aig 9.00f, agus an còrr air an dà Dhisathairne às dèidh sin.


2015 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2015

Hogmanay Ceilidh 2015Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2015
Stick Man / BioranStick Man / Bioran
Trusadh - The Highland Railway/Rathad-iarainn na GàidhealtachdTrusadh - Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Trusadh – Cancer Club / Balaich a’ BruidhinnTrusadh – Balaich a’ Bruidhinn
Jolomo: The People’s PainterJolomo: Dealbhadair nan Daoine
Scotland v BelarusAlba v Belarus
Royal National MòdMhòd Nàiseanta Rìoghail
Cobhair ChloinneCobhair Chloinne
Dòtaman at 30Dòtaman aig 30
Jonathan’s ArmyFeachdan Ionatain
Jim BaxterJim Baxter
Balaich a’ Bhìobaill / Bible BoysBalaich a’ Bhìobaill
The Pope’s Eriskay JumperTrusadh - Geansaidh a’ Phàpa
Canada v Glasgow WarriorsCanada v Glasgow Warriors
Belladrum 2015Belladrum 2015
Geamannan nan Eilean 2015 – Island Games 2015Geamannan nan Eilean 2015
Am Balach MacCuidhein – McQueen of ScotsAm Balach MacCuidhein
World Orienteering Championships 2015Co-Fharpais Sligheadaireachd Na Cruinne 2015
Trusadh – DiabetesTrusadh – Tinneas an t-Siùcair
MacTavish Cup FinalCuairt Dheireannach de Chupa MhicTàmhais
Ceòl air Abhainn ChluaidhCeòl air Abhainn Chluaidh
Trusadh - Berlin 25 Years OnTrusadh – Leag am Balla
Air na Rigs / Life OffshoreAir na Rigs
FuineFuine
An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic
Glasgow City v Paris Saint-GermainGlasgow City v Paris Saint-Germain
Eileanan FraoichEileanan Fraoich
Cuirm@Celtic: Le Vent Du NordCuirm@Celtic: Le Vent Du Nord
The Real Jekyll & Hyde? The Deacon Brodie StorySgeulachd Deacon Brodie
Baby Killer? Sgeulachd Jessie KingBaby Killer? Sgeulachd Jessie King
Eòrpa MH17Eòrpa MH17
Brian WilsonBrian Wilson
Tartan PrideTartan Pride

2016 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2016

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.