GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Royal National Mòd

BBC ALBA – Starts Monday 12th October at 10.00pm

Mhòd Nàiseanta Rìoghail

BBC ALBA – A' tòiseachadh Diluain 12 Dàmhair aig 10.00f

BBC ALBA SCREENS COVERAGE OF THE 2015 ROYAL NATIONAL MÒD LIVE FROM OBAN

The Mòd is the Gaelic community’s most prestigious celebration of arts, music, culture and language and as the festival has changed over the years so too has the television coverage since BBC ALBA started broadcasting programmes from the Mòd in 2008, shortly after the channel launched.

This year BBC ALBA is delighted to announce that it will be offering an enhanced package of live coverage as well as capturing the best highlights from the week-long festival hosted by Cathy MacDonald.

Produced by BBC Gàidhlig, BBC ALBA will be broadcasting a programme each night from Monday 12th to Friday 16th October with Cathy showcasing performances from the Children’s Mòd. This year, for the first time ever, there will be live coverage of the two premier solo singing competitions, the An Comunn Gàidhealach Gold Medal on Wednesday and the Traditional Gold Medal Final taking place on Thursday.

Wednesday’s programme is a new addition to BBC ALBA’s Mòd coverage. Cathy MacDonald will present a live broadcast from Oban’s Corran Halls introducing the competition for the An Comunn Gàidhealach Gold Medal. Providing analysis of the singing will be acclaimed singers and former winners of the competition, Anne Lorne Gillies and Alasdair Whyte. Anne Lorne Gillies (who is celebrating her 70th birthday this year) won the Mòd Gold Medal in Oban at the age of 17 and Alasdair Whyte was awarded the An Comunn Gàidhealach Gold Medal at the Mòd in Dunoon in 2006.

BBC ALBA’s full Mòd coverage includes:

  • Monday 12th, 10.00 – 11.30pm – A showcase of some of the winners from the first day of the children's Mod including the winner of the prestigious James C MacPhee medals.

  • Tuesday 13th, 10.00 – 11.30pm – Young native speakers take to the floor and amongst the talented performers will be the winners of the esteemed Comunn Gàidhealach Silver Medals.

  • Wednesday 14th, 7.30 – 10.00pm – Cathy presents the first live competition for the An Comunn Gàidhealach Gold Medal from the Corran Halls with analysis provided by acclaimed singers and former winners of the competition, Anne Lorne Gillies and Alasdair Whyte.

  • Thursday 15th, 7.30 – 10.00pm – live coverage Traditional Gold Medal competition will see Gaelic broadcaster Morag MacDonald and Skye singer Art Cormack, offering their interpretation of the performances. Also featured on the show will be the main winners from the rural choir competitions held earlier that day.

  • Friday 16th, 10.00 – 11.30pm – The final programme will provide a round-up of the choral competitions from the last day of the Mòd featuring the winners of the coveted Lovat and Tullibardine Shield, the Mull and Iona Shield and the sought after Margrat Duncan Memorial Trophy.

Margaret Mary Murray, Head of BBC Gaelic Services said: “This year’s television coverage of the Mòd hosted by Cathy MacDonald, will provide highlights across the week as well as two special live programmes. For the first time ever, viewers will be able to enjoy both prestigious Gold Medal competitions as they happen, with a new live broadcast on Wednesday from the An Comunn Gaidhealach Gold medal final as well as Thursday evening’s live Traditional Gold medal final. The Royal National Mod is the highlight of the Gaelic events calendar for young and old alike and we are delighted to be able to share it with audiences across the UK on BBC ALBA and the BBC iPlayer and listeners across the globe with Radio nan Gaidheal and bbc.co.uk/alba.”

Radio nan Gàidheal will also be offering complimentary Mòd programming with live coverage of the rural choir competitions on Thursday 15th from 1.30pm when two new choirs will debut in the competition – Còisir Ghàidhlig Bharraigh from Barra and Kantorei Haselau from near Hamburg in Germany. On Friday, live coverage from the Mod starts at 10.00am with the legendary Mire ri Mòir Cèilidh hosted by Morag MacDonald and featuring performances from many of the week’s winners alongside many Gaelic singers from previous Mòds. The radio coverage continues at 1.30pm with Jo MacDonald presenting live coverage of the choral competitions, for the Lovat and Tullibardine Shield and the Margrat Duncan Memorial Trophy.

Each programme along with many video highlights from throughout the Mòd 2015 will be available to view at www.bbc.co.uk/alba.

BBC ALBA A’ CRAOLADH MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL 2015 BEÒ ÀS AN ÒBAN

Cuiridh an t-Òban Latharnach fàilte bhlàth air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a-rithist am bliadhna, an 16mh turas anns a’ bhaile as na thòisich e an 1892.

Is e am Mòd an fhèill as cliùitiche do dh’ealain, ceòl, dùthchas is cànain aig coimhearsnachd na Gàidhlig. Bithidh Cathy NicDhòmhnaill a’ toirt thugaibh taghadh den cuid as fheàrr o gach latha dhen t-seachdain, agus craolaidhean ùra beò bho na prìomh fharpaisean.

Bidh BBC Gàidhlig a’ riochdachadh prògraman gach oidhche o Dhiluain 12mh gu Dihaoine 16mh Dàmhair airson BBC ALBA. Bidh Cathy a’ cur fàilte oirbh do sheinn is eile o Mhòd na Cloinne agus seinn nan còisirean agus bithear a’ leantainn na dà phrìomh fharpais do sheinneadairean fa leth, Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Diciadain agus Bonn Òir an t-Seann Nòis, Diardaoin.

Air feasgar Diciadain bithidh prògram ùr le Cathy NicDhòmhnaill a’ craoladh beò o Thallaichean a’ Chorrain bho fharpais Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Bithidh dithis sheinneadairean ainmeil a bhuannaich an fharpais sin roimhe, Anna Latharne NicGillÌosa agus Alasdair Whyte, a’ mìneachadh na bhios a’ tachairt. Bhuannaich Anna Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns an Òban nuair a bha i 17 bliadhna dh’aois, agus chaidh an latha le Alasdair anns an aon fharpais aig Mòd Dhùn Omhainn ann an 2006.

Seo na bhios BBC ALBA a’ craoladh on Mhòd:

  • Diluain 12mh, 10.00 – 11.30f – Bithidh cuid dhe na thog duaisean on chiad latha aig Mòd na Cloinne, nam measg an dithis a chaidh urramachadh le Bonn Cuimhneachan Sheumais C. Mhic a’ Phì.

  • Dimàirt 13mh, 10.00 – 11.30f – Seo latha an òigridh fhileanta. Am measg nan cleasaichean ealanta anns a’ phrògram seo, bithidh am balach agus a’ chaileag a bhuinnig Buinn Airgeid phrìseil a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

  • Diciadain 14mh, 7.30 – 10.00f – Bithidh Cathy a’ toirt thugaibh an tachartais bheò o Thallaichean a’ Chorrain, far am bi farpaisean, nam measg Buinn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, le mìneachadh o na seinneadairean ainmeil a choisinn na duaisean seo cheana, Anna Latharna NicGillÌosa agus Alasdair Whyte.

  • Diardaoin 15mh, 7.30 – 10.00f – Craoladh beò bho fharpais Bonn Òir an t-Seann Nòis. Bidh an craoladair Mòrag NicDhòmhnaill agus an seinneadair Sgitheanach Art MacCarmaig, a’ toirt beachd air an t-seinn. Bithidh na còisirean buannachdail o fharpaisean nan Còisirean Dùthchail, a chumar air an latha sin, a’ nochdadh cuideachd.

  • Dihaoine 16mh, 10.00 – 11.30f – Bidh aithris air farpaisean nan còisirean air latha mu dheireadh a’ Mhòid, agus chì sinn cò choisinn nan duaisean prìseil seo: Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn; Sgiath Mhuile agus Idhe; agus Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbhisean do BhBC ALBA: “Tha sinn gu mor a’ toirt fiughar ris na mìrean as fheàrr bho gach latha aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghaill fhaighinn ann an cuideachd Cathy NicDhòmhnaill gach oidhche air BBC ALBA. A thuilleadh air a sin bidh na prìomh fharpaisean inbheach, Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Bonn Òir an t-Seann Nòis, air an craoladh beo mar a thachras iad air feasgar Diciadaoin agus Diardaoin. Tron t-seachdain gheibhear blasad den bheartas de thàlant òg is inbheach a thèid a thaisbeanadh san Òban aig a’ prìomh fhèis Ghàidhlig seo agus bidh BBC ALBA, Radio nan Gàidheal agus ar seirbheisean eadar-lìn bbc.co.uk/alba agus iPlayer a BhBC gur frithealadh, ge bith càit air an t-saoghal a tha sibh, leis a’ chuid as fheàrr de na bhios a’ tachairt.

Bithidh Radio nan Gàidheal a’ toirt thugaibh prògraman mun Mhòd cuideachd, nam measg craoladh beò bho fharpaisean nan còisirean dùthchail Diardaoin an 15mh aig 1.30f, nuair a bhios dà chòisir ùr ann - Còisir Ghàidhlig Bharraigh agus Kantorei Haselau à baile faisg air Hamburg anns a’ Ghearmailt. Tràth Dihaoine, bithidh prògraman a’ Mhòid a’ tòiseachadh aig 10.00m le fàilte o Mhòrag NicDhòmhnaill do chèilidh cliùiteach Mire ri Mòir, agus gu leòr de dh’òrain on fheadhainn a choisinn duaisean, gun luaidh air seinneadairean ainmeil o Mhòdan tro na bliadhnaichean. Bithidh craoladh rèidio a’ leantainn air 1.30f, nuair a bhios Jo NicDhòmhnaill a’ toirt thugaibh prògram air na còisirean a’ strì a thogail Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn agus Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.

Bithidh gach program agus clàraidhean eile o Mhòd 2015 ri fhaicinn aig www.bbc.co.uk/alba.


2015 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2015

Hogmanay Ceilidh 2015Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2015
Stick Man / BioranStick Man / Bioran
Trusadh - The Highland Railway/Rathad-iarainn na GàidhealtachdTrusadh - Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Trusadh – Cancer Club / Balaich a’ BruidhinnTrusadh – Balaich a’ Bruidhinn
Jolomo: The People’s PainterJolomo: Dealbhadair nan Daoine
Scotland v BelarusAlba v Belarus
Royal National MòdMhòd Nàiseanta Rìoghail
Cobhair ChloinneCobhair Chloinne
Dòtaman at 30Dòtaman aig 30
Jonathan’s ArmyFeachdan Ionatain
Jim BaxterJim Baxter
Balaich a’ Bhìobaill / Bible BoysBalaich a’ Bhìobaill
The Pope’s Eriskay JumperTrusadh - Geansaidh a’ Phàpa
Canada v Glasgow WarriorsCanada v Glasgow Warriors
Belladrum 2015Belladrum 2015
Geamannan nan Eilean 2015 – Island Games 2015Geamannan nan Eilean 2015
Am Balach MacCuidhein – McQueen of ScotsAm Balach MacCuidhein
World Orienteering Championships 2015Co-Fharpais Sligheadaireachd Na Cruinne 2015
Trusadh – DiabetesTrusadh – Tinneas an t-Siùcair
MacTavish Cup FinalCuairt Dheireannach de Chupa MhicTàmhais
Ceòl air Abhainn ChluaidhCeòl air Abhainn Chluaidh
Trusadh - Berlin 25 Years OnTrusadh – Leag am Balla
Air na Rigs / Life OffshoreAir na Rigs
FuineFuine
An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic
Glasgow City v Paris Saint-GermainGlasgow City v Paris Saint-Germain
Eileanan FraoichEileanan Fraoich
Cuirm@Celtic: Le Vent Du NordCuirm@Celtic: Le Vent Du Nord
The Real Jekyll & Hyde? The Deacon Brodie StorySgeulachd Deacon Brodie
Baby Killer? Sgeulachd Jessie KingBaby Killer? Sgeulachd Jessie King
Eòrpa MH17Eòrpa MH17
Brian WilsonBrian Wilson
Tartan PrideTartan Pride

2016 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2016

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.